Is mise Joy Dunlop agus ‘s mi a tha a’ craoladh “Ceòl agus Craic”
gach oidhche Luain eadar 5-6f. ‘S ann às a’ Chonghail faisg air an
Òban a tha mi agus thòisich mi a bhith a’ cuideachadh aig Oban FM an
toiseach nuair a bha mi fhathast san àrdsgoil. As dèidh seo chaidh
mi dha Sabhal mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach far an d’ fhuair mi
ceum le urram ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig. As dèidh dhomh
ceumnachadh, thàinig mi air ais dhan Òban agus tha mi an-dràsta nam
oifigeir leasachaidh Gàidhlig dhan Chomunn Gaidhealach ann an
Earraghaidheal agus Bòid. Thòisich mi air a’ phrògram agam aig
toiseach na bliadhna agus tha mi an còmhnaidh a’ lorg fiosrachaidh
agus ag iarraidh cluinntinn bhuaibh. Cuiribh fòn thugam aig uair sam
bith, tha mi a’ feitheamh oirbh!
Hi my name is Joy Dunlop and I present the Gaelic programme “Ceòl
agus Craic” [Music and Crack!] every Monday night between 5-6pm. I’m
a native Connel girl who first started helping at Oban FM when I was
still in high school, usually on the breakfast shows or helping with
youth programs or adverts. I left Oban to study at Sabhal Mòr Ostaig
for four years and after graduating with a honours degree in Gaelic
Language and Culture studies I returned to Argyll to work for An
Comunn Gaidhealach as a Gaelic development officer for Argyll and
Bute [and for any other place that they send me to!] I returned to
Oban FM at the beginning of 2006 and started presenting my weekly
Gaelic programme which I am really enjoying doing . Any feedback is
always gratefully received and please be in touch at any time by
phone or email with requests, information or just for a chat!